The Etives Eilean a'Cheo Lyrics
Ged tha mo cheann air liathadh,
Le deuchainnean is bron,
Is grian mo leth-cheud bliadhna
Air ciaradh fo na neoil;
Tha m' aigne air an lionadh
Le iarrtas tha ro mhor,
A dh'fhaicinn Eilean Sgiathach
Na siantanan 's a' cheo.
Tha corr 's da fhichead bliadhna
Bho'n thriall mi uait gam' dheoin.
'S a chuir mi sios mo lion
Ann am meadhon baile mhoir;
Is ged a fhuair mi iasgair
A lion mo thaigh le stor,
Bu chuimhneachail mi riamh ort
'S bu mhiann leam bhi 'nad choir.
Ach co aig a bheil cluasan
No cridh' tha gluasad beo,
Nach seinneadh leam an duan seo
Mu'n truaigh' a thainig oirnn?
Na milltean a chaidh fhuadach
Thar chuain gun chuid, 's gun choir,
Tha miann an cridh' 's an smuaintean
Air Eilean uain' a' Cheo.
Nis, cuimhnichibh ur cruadal,
Is c__aibh suas ur srol;
Gu'n teid an roth mu'n cuairt duibh
Le neart is cruas nan dorn;
Gum bi bhur crodh air buailtean
'S gach tuathanach air doigh;
'S na Sas'nnaich air am fuadach
A Eilean uain' a' Cheo.
See also:
JustSomeLyrics
71
71.113
Ian Van Dahl Inspiration (Original Radio Edit) Lyrics
Goi mai ten anh Lyrics