Capercaillie Gin Teann Mi Ris Na Ruinn Tha Seo (Remeberance) Lyrics

Gun teann mi ris na ruinn tha seo a-nis a sgrìobhadh sìos
Mi anns a bhàt' a cuimhneachadh air tìr nan glinn as brèagh'
Far am b'òg a bha mi uaireigin dol cuairt don Charragh Liath
A dh'fheitheamh air na lachain ann 's a mhadainn tighinn on iar

Bhiodh grunn de dh'àrmunn chòir againn nuair thòisicheadh an t-sealg
Is chliunneadh tus' an stàirneanaich "bombardaigeadh" bhiodh garbh
Cuid a faighinn beò às dhiubh cuid eile leòint' is marbh
Na coin gan tòirt air tìr thugainn as ìnnean nan tonn garbh

Is iomadh sgrìob a thug mi ann nuair bhiodh an t-sìde doirbh
Is ealach thug mi dhachaidh às de dh'eòin ghlas agus sgairbh
Sin dh'fhàgadh m'inntinn sòlasach nuair chithinn torr dhiubh marbh
'S mun tigeadh àm bhi tarruinn às bhiodh gad dhiubh dheànamh dearbht'

See also:

103
103.53
Marco Barrientos Jesús, Cordero Santo Lyrics
FRANCO DE VITA 054 NO HAY CIELO Lyrics