Capercaillie Fagail Bhernaraidh (Leaving Berneray) Lyrics

On chuir mi mo chùl ri stùcan eilean as bòidhch'
Gu bheil mi gun sunnd fo thùrs' 's mo chridhe fo leòn
Nuair thig na mo chuimhn' na glinn san robh mi o m' òig
Far an iarrainn bhi tàmh gach là cho fad 's bhithinn beò

Bheir sùil air mun cuairt 's a bhruaichean uile 's iad làn
Seamarag is neòinean, sòbhrag bhuidhe ann a fàs
Smeòrach nan geug air sgèith a'caithream gu h-àrd
Cò chunnaic e riamh nach iarradh ann a bhi tàmh

Bha'm pailteas ann riamh den bhiadh 's cha bhitheadh oirrn èis
Bha iasg ann is feòil 's gach seòrs' air an cuireadh tù feum
Tha lus ann a fàs bheir slàint' a dh'iomadach crèuchd
Ann an eilean beag Bheàntraigh 's àille leam tha fon ghrèin

See also:

38
38.5
The Melancholy of Haruhi suzumiya Hare Hare Yukai (remix) Lyrics
Petey Pablo i told yall Lyrics